Crainn-ghaoithe sgoiltean dheth

Chaidh crainn-ghaoithe aig 16 sgoiltean air Ghàidhealtachd a chur dheth is iomagain ann mu phlanaichean air an son agus mar a chaidh an cur an sàs.

Dh'iarr Comhairle na Gàidhealtachd rannsachadh.

Tha seo a' tighinn às dèidh do chomhairlichean agus am mòr-shluagh draghan a thogail.

Thuirt an t-ùghdarras nach tèid na crainn a chur gu dol a-rithist gus an tèid làn-sgrùdadh a dhèanamh air sàbhailteachd.

Tha seo a' toirt buaidh air àrd-sgoiltean Chùil Lodair, Dhòrnaich agus Gheàrrloch, agus na bun-sgoiltean a leanas: Bàgair, Crossroads, Baile a' Chaisteil, Pultneytown, Tuath, Deas, Sgoraig, an t-Inbhir, Innis an Lìon, An Stòr, Ath Tharracaill, An Tuilm agus Eige.