Còmhraidhean a' leantainn aig Comhairle na Gàidhealtachd

Comhairle na Gàidhealtachd Image copyright bbc
Image caption Chan eil mòr-chuid aig buidheann no pàrtaidh sam bith sa Chomhairle leotha fhèin

Leanaidh còmhraidhean aig Comhairle na Gàidhealtachd Dimàirt feuch an gabh co-bhanntachd stèidheachadh.

Tha e soilleir gum bi na Neo-eisimeilich a' riaghladh, ged nach eil mòr-chuid aca airson sin a dhèanamh leotha fhèin.

Is coltach gur e co-bhanntachd no còrdadh leis a' Phàrtaidh Làbarach an rud as coltaiche aig an ìre seo.

A-mach à 80 ball air a' Chomhairle gu lèir, tha 36 ball aig buidheann nan Neo-eisimeileach - sia gann air mòr-chuid a bhith aca.

'S e an SNP am pàrtaidh poileataigeach as motha, le 22 ball, agus 14 ball aig na Lib-Deamaich, leis na Làbaraich aig ochd buill.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile