An I.O.B air a' mhargaid

Chaidh taigh-òsta ann am Barraigh a chur air a' mhargaid airson faisg air millean not.

Tha tairgsean de chòrr air £950,000 gan sireadh airson Taigh-òsta Eilein Bharraigh, a tha os cionn na tràghad ann an Tangasdail, air taobh siar an eilein.

Tha 39 seòmraichean-cadail anns an taigh-òsta, a chaidh a thogail ann an 1974.

Gabhaidh an t-àite-bidhe a th' ann 80 duine.