Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 An Cèitean 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Fhraing

Tha Ceann-suidhe ùr na Frainge, Francois Hollande, a' cur riaghaltais ùir air dòigh an dèidh dha a' chùis a dhèanamh air Nicolas Sarkozy. 'S e Mgr Hollande a' chiad Cheann-suidhe Sòisealach anns an Fhraing bho chionn 17 bliadhna. Dh'innis e do chruinneachadh mòr de luchd-taic ann am Paris gum feuch e ri stad a chur air cùmhnadh agus gearraidhean le bhith a' brosnachadh fàs eaconamaich, ach tha coltas ann gun dèanadh poileasaidh den t-seòrsa sin eas-aonta eadar e fhèin agus Seansalair na Gearmailt, Angela Merkel.

A' Ghrèig

Rinn partaidhean poileataigeach na Grèige a tha a' cur an aghaidh ghearraidhean, adhartas mòr sna taghaidhean pàrlamaid gu ìre agus gum feum riaghaltas ùr a stèidheachadh. Tha na prìomh phàrtaidhean uile a-niste ag iarraidh atharrachadh a thoirt air na cùmhnantan fo bheil taic-airgid Eòrpach a' cumail eaconamaidh na Grèige a' dol. Tha eòlaichean ionmhais ag ràdh gum bi èiginn ann ma dh'fhàgas a' Ghrèig an t-airgead singilte Eòrpach.

Na Margaidhean

Thuit luach nan earrainnean air margaidhean ionmhais na h-Eòrpa le co-dhùnadh nan taghaidhean san Fhraing agus anns a' Ghrèig. Tha e coltach gu bheil dragh air luchd-tasgaidh gu h-àraid mun mhì-chinnt a th' anns a' Ghrèig.

Putin

Tha Vladimir Putin ga stèidheachadh an-dràsta san treas teirm mar Cheann-suidhe air an Ruis. Cha robh duine riamh trì tursan anns an dreuchd sin. Tha Mgr Putin a' dèanamh suap air dreuchd le Dimitry Medvedev, a tha a' gabhail dreuchd a' Phrìomhaire a-rithist.

Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid

Bidh an SNP a' stèidheachadh buidhne riaghlaidh air Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid an dèidh taic fhaighinn bho chomhairlichean eile. Bha a' Chomhairle ron taghadh fo smachd buidheann de neo-eisimeilich le taic bho bhuill Lib-Dem agus Tòraidheach. Tha sgìre Dhùn Omhainn, anns a bheil triùir bhall a' cumail fo-thaghaidh Diardaoin an dèidh bàs a' chomhairliche SNP Alasdair MacAlasdair aig deireadh a' Mhàirt.