Farpais cùmhnant heileacoptairean nam Maor-cladaich

Heileacoptair Sea King Image copyright (C) British Broadcasting Corporation
Image caption Sguirear de bhith a' cleachdadh heileacoptairean Sea King

Dh'fhoillsich Riaghaltas Bhreatainn na companaidhean a tha fhathast san fharpais airson cùmhnant heileacoptair nam maor-cladaich.

Tòisichidh an cùmhnant, a tha a' gabhail a-steach Steòrnabhagh agus Sealtainn, ann an 2015, agus mairidh e fad 11 bhliadhna.

Sguirear de bhith a' cleachdadh heileacoptairean Sea King mar a th' ann an-dràsta, agus bidh an t-seirbheis air fad fo sgèith nam Maor-cladaich.

Tha an t-seirbheis an-dràsta air a ruith eadar na Maoir-chladaich agus Feachd Rìoghail an Adhair leis a bheil na heileacoptairean.

Tha dragh am measg sgiobannan teasairginn nam beann ge-tà, nach bi an cùmhnant ùr freagarrach air obrachadh am measg nam beanntan.

Thèid aon chùmhnant a thabhainn airson heileacoptairean a shiubhlas astar mòr agus a ghabhas cleachdadh aig muir, agus cùmhnant eile ann airson feadhainn a dh'obraicheas aig astar nas lugha.

Tha cothrom ann airson aon chompanaidh an obair gu lèir a ghabhail os làimh ge-tà.

Tha ochd companaidhean air ùidh a nochdadh anns an obair - CHC Scotia, aig a bheil an cùmhnant ann an Steòrnabhagh is Sealtainn an-dràsta, agus Bristow Helicopters aig an robh e roimhe - nam measg.

Foillsichear co-dhùnadh an Riaghaltais toiseach na h-ath-bhliadhna - dà bhliadhna mus tòisich an cùmhnant fhèin.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile