Duais do dh'Ionad Ghabhsainn

Ionad Gnìomhachas Ghabhsainn Image copyright Other
Image caption Dh'fhosgail an t-ionad sa Ghearran 2012.

Tha ionad gnothachas ùr ann an Ceann a Tuath Leòdhais air duais nàiseanta a bhuannachadh.

Dh'innis RICS na h-Alba (Royal Institution of Chartered Surveyors) gun tèid an duais choimhearsnachd aca gu Ionad Gnìomhachas Ghabhsainn, a dh'fhosgail gu h-oifigeil sa Ghearran.

Chosg an t-ionad £500,000 is oifisean is seòmraichean coinneimh am measg nan goireasan a th'aca.

"Bha sinn mothachail air an obair a rinneadh gus dòighean ath-nuadhachail a chleachdadh gus teas a chumail san togalach seo", thuirt Àrd Bhritheamh an RICS, Laura NicIain.

"Bha sinn a cheart cho mothachail air an taic làidir a chur a' choimhearsnachd ris a' phròiseict", thuirt i.

Rinn Cathraiche Bòrd Stiùiridh Urras Oighreachd Ghabhainn, Agnes Rennie toileachas ris an duais.

"Tha an t-ionad seo mar-thà air feum mòr a dhèanamh dhuinn mar bhuidhinn.

"Tha sinn an dòchas gun toir mar a fhuair sinn an duais seo brosnachadh do bhuidhnean coimhearsnachd eile a thaobh pròiseactan ath-nuadhachail", thuirt i.

Thèid gach buidheann a bhuannaich duais RICS na h-Alba air adhart gu farpais eadar-nàiseanta na buidhne.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile