Tuath-gaoithe Tholastaidh bho Thuath

Tuath-gaoithe
Image caption Bhiodh 13 muilean san leasachadh aig 2020 Renewables.

Thòisich daoine ann an Tolastadh bho Thuath ann an Leòdhas a' conaltradh le companaidh a tha airson tuath-gaoithe le trì muilnean deug a thogail air a' mhòintich aca.

Tha muinntir Tholastaidh iad fhèin an dòchas muillean-gaoithe a thogail sa sgìre ach chaidh maill air a' phròiseict sin.

Tha iad an dòchas na planaichean a ghluasad air adhart as ùr anns na mìosan ri tighinn.

Anns an eadar-ama tha a' chompanaidh 2020 Renewables, a tha stèidhichte ann an Grianaig, air tighinn air adhart le plana eile.

Feumaidh a' chompanaidh aonta a ruighinn leis a' choimhearsnachd agus buidhnean àrainneachd mus iarr iad cead-dealbhachaidh, agus 's e sin a tha air cùl nan còmhraidhean a tha a' dol an-drasta.

Buannachdan

Thuirt Stiùiriche Leasachaidh 2020 Renewables, Alasdair MacLeòid, gum biodh buannachdan gu leòr ann dhan choimhearsnachd.

Thuirt e gum biodh màl ga phàigheadh dha na croitearan agus dhan uachdaran, Urras Steòrnabhaigh, is gu bheilear a' bruidhinn fhathast air na sruthan airgid eile a thigeadh a dh'ionnsaigh na coimhearsnachd.

Tha a' chomataidh ionaltraidh ionadail agus Urras Steòrnabhaigh air leigeil fhaicinn gum bi taic dhan phròiseict a' crochadh gu mòr air dè na buannachdan a gheibh iad.

Dh'innis Mgr MacLeòid cuideachd gu bheil a' chompanaidh mothachail air na cosgaisean àrda an lùib dealan a chur eadar na h-Eileanan an Iar is Tìr Mòr.

Thuirt e ge-tà gu bheil coltas ann nach fhada gus an tig lùghdachadh air na cosgaisean sin.