Là mòr bàta-teasairginn an t-Òib
- Air fhoillseachadh

Bha là fosgailte san t-Òb Diciadain agus am bàta-teasairginn ùr air am baile a ruighinn.
Thug seo gu ceann iomairt dà bhliadhna bho mhuinntir an àite airson na seirbheis.
Tha bàtaichean RNLI stèidhichte mar-thà ann an Steòrnabhagh is Barraigh, ach bha beachd aig feadhainn gun robh stèisean eile a dhìth.
Às dèidh iomairt, dh'aontaich an RNLI bàta a chur dhan sgìre mar sgeama dearbhaidh a mhaireas co-dhuibh bliadhna.
Chaidh criubha a thaghadh agus goireasan ùr a thogail san t-Òb.
Chuir an criubha seachad grunn laithean ann an Dorset an t-seachdain seo chaidh gus trèanadh fhaighinn.
Cuirm
Thòisich a' chuirm san t-Òb aig 14:30 is suas ri 200 neach an làthair aig a' chidhe airson fàilte a chur air a' bhàta.
Bha ceòl is caismeachd ann agus geamaichean chloinne, a-measg rudan eile.
Thuirt Pòl Jennings, Ceannard an RNLI an Alba, gu bheil a' bhuidheann fhèin air an dòigh leis a' ghoireas ùr.
Thuirt e gum bi an sgeama dearbhaidh a' measadh cho comasach sa tha a' choimhearsnachd air taic a chumail ri bàta-teasairginn.
Thathas an dùil gum bi am bàta-teasairginn deiseil airson gairm a fhreagairt bho Dhihaoine.