Sreapadair a dhìth an Loch Abar

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, MARK COYLE
Fo-thiotal an deilbh, Tha heileacoptair bho RAF Inbhir Losaidh an lùib na h-iomairt.

Tha luchd-teasairginn ann an Loch Abar a' lorg shreapadair a tha a dhìth san sgìre.

Chunnacas an duine, a tha 73 agus a bhoineas do sgìre Worcester, mu dheireadh ann an Gleann Deisearaidh oidhche Haoine.

Bha heileacoptair bho RAF Inbhir Losaidh is Sgioba Teasairginn nam Beann ann an Loch Abar fhèin a-muigh ga shireadh tron là Diluain is Dimàirt ach cha d' fhuair iad sgeul air.

Thòisich iad as ùr madainn Diciadain.

Thuirt na polais gu bheil an duine mu 5'7", le gruag goirid liath agus speuclairean airgid.

Nuair a chaidh fhaicinn mu dheireadh bha briogais choiseachd dhubh air, seacaid fleece agus poca dearg/dubh.

Dh'iarr na polais air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh mun chùis fòn a chur gu stèisean a' Ghearasdain air 01397 702 361.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh