Mìos eile dhan bhàta-slaodaidh mu thuath

An Anglian Sovereign Image copyright PA
Image caption Chaidh an cùmhnant airson an Anglian Sovereign a leudachadh gu deireadh a' Chèitein.

Chaidh an cùmhnant airson a' bhàta-slaodaidh anns na h-Eileanan mu Thuath a leudachadh airson mìos eile, 's an riaghaltas fhathast a' feuchainn ri fuasgladh maireannach fhaighinn dhan t-suidheachadh.

Thathas an dùil gur e am bàta an Grampian Frontier, a tha an-drasta a' frithealadh air gniomhachas na h-ola agus a' ghas anns na h-Eileanan mu Thuath, a ghabhas àite an Anglian Sovereign air a' cheann thall.

Tha còmhraidhean a' leantainn ge-tà a thaobh dè dìreach an dreach a bhios air an t-seirbheis ùr, is mar sin chaidh cùmhnant an Anglian Sovereign a leudachadh gu deireadh a' Chèitein.

Bha dùil an toiseach gun rachadh an Anglian Sovereign a tharraing sa Mhàirt, aig an aon àm sa chaidh am bàta-slaodaidh a bha stèidhichte ann an Steòrnabhagh, an Anglian Monarch, a thoirt a-mach à seirbheis.

Thuirt fear-labhairt do Rùnaire na h-Alba, Mìcheal Moore, gu bheil an riaghaltas "fhathast a' beachdachadh air a h-uile roghainn a th'ann" a thaobh bàta-slaodaidh a bhiodh stèidhichte ann an Steòrnabhagh.

Thuirt e gun deach cùmhnant an Anglian Sovereign a leudachadh son mìos eile gus an dèanadh i cobhair ann an suidheachaidhean eiginn far chosta tuath agus costa siar na dùtcha.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile