Cearbain a bharrachd

Cearban Image copyright A James/NATUREPL.COM
Image caption Cha bhi na cearbain a' toirt ionnsaigh air daoine, ged a tha iad fìor mhòr.

Dh'iarr Urras nan Cearban agus Ionad Nàiseanta na Mara air daoine fios a chur thuca nuair a chì iad cearban.

Thuirt an t-urras gu bheil tòrr a bharrachd chearbhain air tadhal air costa siar na h-Alba gu sònraichte san dà bhliadhna a chaidh.

Tha iad ag ràdh gur e na h-uisgeachan blatha a tha làn phlanctan far chosta siar Bhreatainn is na h-Èireann a tha a' tàladh nan cearban.

"Bidh iad an seo fad an t-samhraidh, an ìre mhath", thuirt an Dr Dàibhidh Gibson, bho Ionad Nàiseanta na Mara ann am Plymouth.

"Tha sinn airson is gun cuir daoine fios oirnn nuair a chì iad cearban, gus am faigh sinn beachd nas fheàrr air cia mheud dhuibh a th'anns na h-uisgeachan againn agus cuin a tha iad a' tighinn is a' falbh", thuirt e.

Dealbhan

Dh'iarr an Dr Gibson cuideachd air daoine dealbh a thogail den chearban ma bhios cothrom aca.

Thuirt e ge-tà, ged nach bi cearbain a' toirt ionnsaigh air daoine, gu bheil iad glè mhòr (suas ri seachd meatairean a dh'fhaid) agus mar sin gum feumar a bhith faiceallach timcheall orra.

Tha e ag ràdh nach bu chòir do dhaoine a dhol nas fhaisge na ceithir meatairean air na cearbain, agus ma tha iad ann am bàta, gum bu chòir an einnsean a chur dheth.

Faodar fios a chur air Urras nan Cearban tron làraich-lìon aca.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile