Rèile dùinte aig maoim-slèibhe

Chuir maoim-slèibhe faisg air loidhne-rèile stad air seirbheisean eadar Inbhir Nis agus an Aghaidh Mhòr.

Image copyright Other
Image caption Thachair e "faisg air an t-Slochd".

Thuirt neach-siubhail gun robh a' mhaoim-slèibhe faisg air an t-Slochd.

Bha e ag ràdh gun thill an tèana a dh'Inbhir Nis nuair a chunnaic an luchd-obrach a' mhaoim-slèibhe.

Chuir Scotrail còmhdhail eile air dòigh agus tha luchd-obrach aig an làraich is iad a' coimhead ri ciamar a ghabhas an loidhne a dhèanamh sàbhailte.