Ìlich a' call an dealain

Tha muinntir Ìle a' sireadh freagairtean mu dè dìreach a tha ag adhbhrachadh na trioblaidean a th' air a bhith aca le cumhachd an dealain, is iad air a chall tric anns na mìosan a chaidh seachad.

Chaidh gealltainn aig Holyrood Diardaoin le Rùnaire an Ionmhais, Iain Swinney, gun tog e draghan mhuinntir Ile leis a' chompanaidh Scottish Hydro Electric a tha cumail an dealain ris an àite.

Choirich Mgr Swinney an seann loidhne gu tìr-mòr.

Loidhne aosda

Bha e ag ràdh gur e an loidhne aosda gu tìr mòr a dh'adhbhraich a' mhòr chuid dhe na trioblaidean agus gu bheil loidhne ùr ann a-nis.

Chosg i £8m.

Thuirt am ball Gàidhealach Jamie MacGriogair ge-tà gu bheil trioblaidean air a bhith ann bho chaidh an loidhne ùr a chur an sàs.

Thuirt Donnchadh MacIllBhràth, a tha an sàs ann an gnìomhachas an uisge-bheatha, air Aithris na Maidne gu bheil e cosgail generators a ruith nuair a bhios an dealan a' dol dheth.