Obraichean ann an cunnart anns an Aghaidh Mhòir

Dh'fhaodadh faisg 92 duine an cosnadh a chall anns an Aghaidh Mhòir às dèidh dhan bhanca HSBC cùmhnant a bh' aca le ionad fiosrachaidh anns a' bhaile a thoirt gu ceann.

'S e HSBC an aon bhuidheann a tha an-dràsta a' cleachdadh HEROtsc.

Chaidh innse dhan an luchd-obrach gun tig an cùmhnant gu crìch anns an t-Sultain agus gun caill iad an cosnadh mur a nochd tuilleadh obrach.

Thuirt HEROtsc gu bheil iad ag obair gu cruaidh airson obair eile a lorg.

Tha Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus am Ball Pàrlamaid Albannach Dàibhidh MacThòmais ag ràdh gun dèan iad na 's urrainn dhaibh airson cuideachadh.