Coinneamh ga diùltadh

Cha do choinnich Bòrd Smàlaidh na Gàidhealtachd 's nan Eilean ri Coimisean nan Cunntasan Diciadainn - mar a bha dùil a thachradh - air sgàth 's gun do dh'iarr am Bòrd gur e coinneamh phoblach a bhiodh ann.

Bha dùil gun coinnicheadh an dà bhuidheann ann an Inbhir Nis, às dèidh do Choimisean nan Cunntasan aithisg fhoillseachadh air a' mhìos a dh'fhalbh a rinn càineadh làidir air an dòigh anns a bheil an t-seirbheis air a ruith.

Thog an Coimisean air uireasbhaidhean ann an trèanadh, uidheamachd agus ann an ceannas na seirbheis.

Dh'iarr am Bòrd coinneamh leis a' bhuidhinn airson bruidhinn mun t-suidheachadh.

Cha robh buill a' Bhuird riaraichte ge-tà gur e coinneamh phrìobhaideach a bhiodh an sin, agus bhòt iad 10 gu 7 airson coinneamh phoblach iarraidh.

Cha do ghabh an Coimisean ris an sin - a' fàgail nach deach a' choinneamh air adhart idir.

Briseadh-dùil

Thuirt fear de bhuill a' Bhuird, Tormod MacLeòid, gur e fìor bhriseadh-duil a bh' anns na thachair.

"Air mo shon fhìn dheth, b' fheàrr leam gu robh sinn an dèidh deasbad leis a' Choimisean bho thàinig sinn an seo a dh'Inbhir Nis an-diugh", thuirt e.

Thuirt an Coimisean nach b' urrainn dhaibh coinneachadh leis a' Bhòrd gu poblach air sgàth 's gu bheil na taghaidhean Comhairle air fàire.

A thaobh na seirbheis smàlaidh fhèin, thuirt Calum MacNèill bho Aonadh an Luchd-smàlaidh gu robh iad a' faireachdainn gu robh piseach a' tighinn oirre.

"Tha iad a' gluasad sìos an rathad ceart ach tha cùisean fhathast beagan air falbh bho bhith air a chur ceart air fad", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo