Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

25 An Giblean 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

GDP

Thàinig dearbhadh à figearan a chaidh fhoillseachadh an-diugh gun do thuit eaconomaidh Bhreatainn gu crìonadh a-rithist am bliadhna airson a' chiad turas bho 2009. Bha crìonadh de 0.2% ann eadar an Fhaoilleach agus am Màrt agus e coltach gur e cho beag 's tha a' tachairt ann an gnìomhachas an togail as coireach gu ìre mhòr. Tha Roinn an Ionmhais ag ràdh nach eil suidheachadh an airgid shingilte Eòrpaich a' cuideachadh nas motha.

HUNT

Tha Rùnaire a Chultair, Jeremy Hunt, a' cumail a-mach gun do rinn e a h-uile dad mar bu chòir na dhèiligeadh ri oidhirp News Corporation air BSkyB a ghabhail thairis. Tha na Làbaraich ag iarraidh air Mgr Hunt a dhreuchd fhàgail an dèidh mar a thàinig ceanglaichean am follais eadar Oifis Roinn a' Chultair agus gnìomhachas naidheachd Murdoch aig an àm. Thuirt Maighstir Hunt gun dèan e aithris ann an Taigh nan Cumantan aig 12.30 an-diugh.

SALMOND

Agus chaidh iarraidh air Prìomh Mhinistear na h-Alba, Alex Salmond, an fhìrinn innse mu aithrisean gu robh esan deònach cuideam a' chur air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte as leth News Corporation airson smachd a ghabhail air BSkyB. Tha seo a' tighinn an dèidh fianais a thug Seumas Murdoch, a bha na chathraiche air News International, do rannsachadh Leveson air dòighean obrach nam meadhanan-naidheachd. Chaidh Alex Salmond as àicheadh gu làidir a-raoir gun robh aonta dìomhair ann.

GÀIDHLIG

Tha h-uile coltas gun tèid sanas a-mach airson ceannard làn-ùine do Bhunsgoil Ghàidhlig Inbhir Nis - aig nach fheum an cànan a bhith. Tha litrichean air an d' fhuair Radio nan Gàidheal sgeul ag ràdh gu bheil oifigearan foghlaim a' gabhail ris a-nis cuideigin gun Ghàidhlig a chur dhan dreuchd làn-ùine. Tha ceannard eadar-amail gun Ghàidhlig air a bhith a' ruith na sgoile fad dà bhliadhna leis gun do dh'fhailich air Comhairle na Gàidhealtachd duine eile fhastadh.

TRUMP

Tha am fear-gnothaich Ameireaganach, Dòmhnall Trump, a' toirt fianais an-diugh do sgrùdadh Phàrlamaid na h-Alba air cumhachd ath-nuadhachail. Thuirt Mgr Trump gur e cùis-eagail a th' ann an tuathan-gaoithe a nì sgrios air turasachd ann an Alba. Tha dragh gu h-àraid air mu thuathan-gaoithe aig muir ann an sealladh an raon goilf a tha a' togail sa Bhaile Mheadhanach tuath air Obar Dheathain.

CONNADH

Tha mìos a-nis aig an aonadh Unite agus dràibhearan tancairean connaidh airson co-dhùnadh am bi iad a' dol air stailc. Tha molaidhean ùra mun coinneamh an dèidh fad ochd latha de chòmhraidhean.

SPÒRS

Thuirt manaidsear Rangers, Ally McCoist, gu bheil fìor chunnart ann gu bheil peanas an SFA a' dol a chur às dhan chluba. Tha Chelsea sa chuairt dheireannaich den Champions League an dèidh dhaibh Barcelona, aig an robh an Cupa, a chur a-mach às an fharpais. Tha Bayern Munich a' cluich Real Madrid san Spainn san iar-chuairt dheireannaich eile a-nochd agus na Gearmailtich 2-1 air thoiseach bhon chiad ghèam. Aig Farpais Snooker na Cruinne ann an Sheffield chaidh an t-Albannach, Graham Dott, a bhuannaich an tiotail ann an 2006 , a-mach às an fharpais nuair a chaill e 10-1 ris an t-Sasannach Joe Perry sa mhadainn an-diugh. Tha Perry a-nis a' cluiche Albannach eile, Stephen MacGuaire anns an 16 mu dheireadh.