Gèam iomain iománaíocht an Inbhir Nis

Thèid a' chiad ghèam iomain iománaíocht a-riamh eadar Arm Bhreatainn agus Feachd Dìon na h-Èireann a chluich aig Pàirc a' Bhught air Sathairne an 28mh latha den Ghiblean.

Bidh an t-airgead a thèid a thogail a' dol chun a' charthannais Poppyscotland.

'S e Iomain nam Feachd a bhios air a' ghèam eachdraidheil.

Bidh suaicheantas Poppyscotland air lèintean sgioba na h-Alba.

Tòisichidh an gèam aig 5.30f.

Gheibhear a-steach an asgaidh, ach thèid iarraidh air daoine tabhartasan a thoirt do Phoppyscotland.

Bidh an carthrannas a' toirt taic do sheann saighdearan, an teaghlaichean agus do bhuidhnean eile a bheir taic do dhaoine a bh' anns na feachdan agus a tha feumach air cuideachadh.

Thuirt rùnaire sgioba na h-Alba, an Caiptean Raibeart Stoddart, gu bheil iad a' coimhead air adhart ris a' ghèam agus gur e urram a th' ann taic a thoirt dhan charthannas.