Sgeama Taigheadais ga dheasbad

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Other
Fo-thiotal an deilbh,
Tha dragh air cuid gum milleadh na taighean ùr coltas an àite

Tha Comhairlichean Gàidhealach a' beachdachadh air plana connspaideach fon deadh 26 taigh Comhairle ùr a thogail faisg air a' Chànal Chailleannach ann an Inbhir Nis.

Thathas a' moladh sia taighean airson seann daoine, ochd taighean eile agus 12 flat a thogail.

'S ann air cùlaibh Craobh-slighe St Valery a bhiodh na taighean ùr.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gur e leasachadh aig àrd ìre a bhiodh ann, agus gum biodh na taighean ùr gu math goireasach a thaobh còmhdhail.

Draghan

Tha Comhairle Choimhearsnachd na sgìre a' gearain ge-tà gun dèanadh na taighean ùr cron air coltas an àite, gun cailleadh muinntir an àite talamh phoblach agus gum faodadh trioblaid a bhith ann le trafaic.

Tha iad cuideachd a' cumail a-mach gum faodadh tuiltean a bhith nan trioblaid.

Tha oifigearan dealbhachaidh na Comhairle a' moladh cead a thoirt dhan sgeama.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh