"Uallach mòr" mu bhàtaichean-aigeinn

An HMS Astute
Image caption Thachair tubaist an HMS Astute san Damhair 2010

Tha ball pàrlamaid Albannach Gàidhealach ag ràdh gun do dhearbh aithisg ùr, mu thubaist an HMS Astute faisg air Drochaid an Eilein Sgitheanaich ann an 2010, na cunnartan a tha an lùib dheuchainnean le bàtaichean-aigeinn niuclasach far chosta siar na h-Alba.

Thuirt Daibhidh MacThòmais, a tha a' riochdachadh an Eilein Sgitheanaich, Loch Abar agus Bàideanach gur e cùis uallaich a th' ann gun do thachair an tubaist cho faisg air a' chladach.

"Dh'fhaodadh sluagh an àite a bhith ann an cunnart mòr nan tòisicheadh tè dhen na bàtaichean-aigeinn seo ag aodion rèidiochd" thuirt e.

Càineadh

Thog aithisg bho Bhòrd-rannsachaidh a' Chabhlach Rìoghail, a chaidh fhoillseachadh Diluain, air sreath mhearachdan a dh'adhbraich an tubaist.

Thachair an tubaist anns an dorchadas, fhad 's a bhathar a' gluasad stuth eadar soithichean mar eacarsaich trèanaidh.

Cho-dhùin an aithisg nach robh plana ceart ann airson na h-obrach, agus gu robh prìomh radar a' bhàt-aigeinn air a thionndadh dheth.

Thog an aithisg cuideachd air uireasbhaidhean ann an siostam conaltraidh an Astute.

'S e an HMS Astute tè dhen na bàtaichean-aigeinn a b' adhartaiche a th' aig a' Chabhlach Rìoghail.

Peanasan

Chaill sgiobair an Astute, an Commandair Andy Coles, command na soithich às dèidh na tubaist.

Chaidh dithis eile bhon sgioba a pheanasachadh cuideachd.

Thuirt an Cabhlach Rìoghail gu robh iad a' gabhail ri co-dhùnaidhean na h-aithisg.

Thuirt Ceannard Sheirbheis nam Bàtaichean-aigeinn, an Rear Adm Iain Corder, gun deach ionnsachadh bho na thachair.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Timcheall a' BhBC