Uàrd air fosgladh

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Other
Fo-thiotal an deilbh, Dh'fhaodadh C.diff a bhith marbhtach do sheann daoine agus daoine a tha tinn mar-thà.

Tha ceannardan slàinte aig Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis air uàrd aillse, a chaidh a dhùnadh ri linn Clostridium difficile, fhosgladh.

Bha an uàrd dùinte airson grunnan lathaichean às dèidh do thriùir euslainteach an galar fhaighinn.

Chaidh na h-euslaintich a thoirt air falbh bho dhaoine eile agus chaidh an uàrd a ghlanadh.

Bha cùis C.diff na bu mhiosa aig an ospadal aig toiseach na bliadhna.

Chaidh uàrd a dhùnadh an uair sin cuideachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh