Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

23 An Giblean 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Morairean

Thuirt am Prìomhaire Dàibhidh Camshron nach eil e a' smaoineachadh gu bheil argamaid làidir ann airson referendum air cruth Thaigh nam Morairean atharrachadh, ach nach urrainn dha a ràdh nach tachair sin. Tha aithisg bho chomataidh thar-phàrtaidh de bhuill-pàrlamaid a chaidh fhoillseachadh an-diugh ag ràdh gum bu chòir dhan mhòr chuid de bhuill nam morairean a bhith air an taghadh, ach gum bu chòir dhan mhòr-shluagh bhòtadh airson atharrachadh sam bith a bhiodh ann.

Nirribhidh

Dh'iarr an duine a tha fo chasaid gun mhort e 77 duine ann an Nirribhidh an-uiridh mathanas air duine sam bith a chaill am beatha aig nach robh ceanglaichean poileataigeach. Tha Anders Breivik air a' chòigeamh latha dhan chùis-lagha na aghaidh ann an Oslo. Tha e a' dol às àicheadh gun rinn e mort, is e a' cumail a-mach gur e marbhadh a rinn e airson Nirribhidh a ghlèidheadh bho ioma-chultarachd.

An Fhraing

Tha Nicolas Sarkozy ann an cunnart a dhreuchd a chall an dèidh dha a' chiad chuairt de thaghadh a' chinn-suidhe a chall ris ann t-sòisealach, Francois Hollande, san Fhraing. Bidh an dithis an aghaidh a chèile san dàrna chuairt dhan bhòt air an 6mh latha dhan ath-mhìos. Ghabh Marine Le Pen an treas àite agus an earrann as motha dhan bhòt a-riamh do phàrtaidh na fìor làimhe deise aice.

Connadh

'S e a-màireach an latha mu dheireadh a th' aig an aonadh Unite airson co-dhùnadh am bi dràibhearan nan tancairean connaidh a' dol air stailc is eus-aonta eadar iad agus an riaghaltas mu chùmhnantan obrach. Tha na còmhraidhean aig a' bhuidhinn rèite Acas a' tòiseachadh às ùr an-diugh.

Drugaichean

Tha dithis fhathast san ospadal sa Ghearasdan an-diugh an dèidh dhaibh drugaichean mì-laghail a ghabhail air an deireadh sheachdain. Chaidh 13 eile a thoirt dhan ospadal Oidhche Shathairne le buaidh nan drugaichean sin agus iad dhan bheachd gur e valium a bha iad a' gabhail.

Bradan

Thug àrdachadh mòr ann an reic ris an Àird an Ear brosnachadh mòr do ghnìomachas a' bhradain ann an Alba an-uiridh. Dh'fhàg 22% a bharrachd de bhradan Alba ann an 2011 agus ged 's ann an Ameireagaidh a Tuath a tha a mhargaidh as motha dh'fhàs margaidh an Àird an Ear deich tursan.

Spòrs

Tha an t-albannach Stephen Maguire a' cluich Luca Brecel às a' Bheilg an-dràsta ann am Farpais Cnooker na Cruinne ann an Sheffield. Thòisich iad sa mhadainn an-diugh is Maguire 6-3 air thoiseach. Feasgar an-diugh, tha an gèam a' tòiseachadh eadar Ronnie O'Sullivan agus Peter Ebdon, dithis a th' air an tiotal a ghlèidheadh roimhe seo.

Ann am ball-coise, tha Sir Ailig Fearghasdan ag aideachadh gu feum Manchester United sgur a dhèanamh mhearachdan is a' call thadhail nuair a tha iad a' cluich Manchester City seachdain bho a-nochd agus cuid ag ràdh gur e sin an gèam a cho-dhùnas càite an tèid tiotal na prìomh lìog ann an Sasainn. Tha United dìreach trì puingean air thoiseach air City às dèidh geamannan na deireadh sheachdain.