Ball-coise ionadail an deireadh sheachdain

Air fhoillseachadh

Tha dà gheam ann an Lìog Leòdhais is na Hearadh air an deireadh sheachdain seo, is tha iad le chèile a' tòiseachadh aig 18:30 oidhche Haoine.

Tha United a' cluich sgioba nan Loch agus am Bac a' cur fàilte air an Rubha.

Tha aon gheam a-nochd ann an Uibhist, is Southend a' cluich Beinn nam Faodhla aig 18:30.

Disathairne tha Uibhist a Tuath thall ann am Barraigh aig 12:00 is nas fhaide air an fheasgar aig 17.30, tha Eirisgeidh a' cur fàilte air Saints an Iochdar, sgioba a tha gun phuing a chall thuige seo am bliadhna.

Tha na geamaichean air fad ann an lìog an Eilein Sgitheanaich Disathairne aig 18:00.

Tha na geamaichean sin mar a leanas;

Slèite agus an Strath an aghaidh an t-Shruthain

Stafainn an aghaigh Ghlinn Eilge

Juniors Phort Rìgh an aghaidh a' Chaoil

Dùn Bheagain an aghaidh Phort Rìgh