Freagairt air ceist nan litreachan

Litrichean gaoil Image copyright Other
Image caption Chaidh na litrichean a lorg san Chanàl Chailleanach.

Thàinig e am follais gur e fear a chaidh na thidsear an Inbhr Nis a sgrìobh litrichean gaoil, a fhuaireadh san Chanàl Chailleannach.

Chaidh na litirchean a lorg ann am bogsa fiodha san uisge faisg air Dabhach Gairbheach san Dùbhlachd an-uiridh.

Bha na litrichean air an sgrìobhadh bho fhear Raibeart Wright gu Miss S R Paterson, 'Bidston', Craobh-Shràid Rois, Inbhir Nis.

Bha iad air an cur sa phost anns na 1930an bho Dhùn Èideann, Aldershot is Catterick.

Sheall daoine ùidh mhòr sa ghnothach nuair a sgaoil Poilis a' Chinn a Tuath fiosrachadh mu dheidhinn, is iad airson faighinn a-mach cò leis an robh na litrichean.

Pòsadh

Tha e a-nise air tighinn am bàrr gun deach Mgr Wright na thidsear, agus gun do phòs e Sarah Paterson.

Thuirt Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis gun robh Mgr Wright na thidsear san sgoil son 27 bliadhna.

Dh'fhàg e a dhreuchd ann an 1974 agus chaochail e ann an 2007.

Thuirt Teàrlach Bannerman, a tha na thidsear aig Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis, gun robh clann Raibeart is Sarah - Rosemary is Iain - nan sgoilearan aig an sgoil.

Tha an sgoil air am fiosrachadh a chur gu Poilis a' Chinn a Tuath, a tha a' feuchainn ri dachaigh nan litreachan a lorg.

Tuilleadh air an sgeulachd seo