Duine ga ghearradh a-mach à càr air an A82

An càr Image copyright Other
Image caption Thachair an tubaist mu 08:30m Dihaoine

B'fheudar aon duine a ghearradh a-mach à càr an dèidh tubaiste air an A82 faisg air Inbhir Moireasdain mu 08:30m Dihaoine.

Bha dà chàr 'san tubaist agus chaidh fear dhiubh far an rathaid le daoine glacte na bhroinn.

Cha deach an dithis anns a' chàr eile a dhroch leòn.

Chaidh heileacoptair eiridinn iarraidh agus tha an rathad fhathast dùinte gus an sgioblaich na poilis an làrach.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile