Taic son pròiseact an teampaill

Nochd taic son pròiseact gus obair a dhèanamh air seann teampall ann am Beinn nam Fadhla.

Thathas a' smaointinn gun deach Teampall Chaluim Chille, a tha an ear air Baile Mhanaich, a thogail cho fada air air ris an 7mh linn.

Bha faisg air 40 duine aig coinneimh mun phròiseict ann am Baile Mhanaich oidhche Chiadaoin.

Chuir a' mhòr chuid de na bha an làthair an ainmean ri clàr son sealltainn gu bheil iad taiceil dhan phròiseict.

Dh'aontaich iad comataidh a stèidheachadh son gnothaichean a ghluasad air adhart.

Thèid taic-airgid a shireadh son obair a dhèanamh air an togalach.

Tha an teampall air croit uncle Catriona Garbutt.

Thuirt i gu bheil i air a misneachadh le mar a chaidh a' choinneamh.

"Tha mise glè thoilichte gu bheil adhartas beag air a dhèanamh mar-thà, o chionn bha e a-riamh a' cur dragh orm nach robh fiù 's fios aig daoine gun robh leithid de dh'àite ann agus tha e gu math cudromach", thuirt i.

'S ann a tha an togalach a-nis ann an droch staid, is 's e amas na pròiseict obair a dhèanamh air gus an tèid a ghlèidheadh.

Air a' cheann thall thathas an dùil gur e rud a bhiodh ann cuideachd a thàladh luchd-turais dhan sgìre.