Ceistean mu Ionad Slàinte ùr am Muile

Ionad Slàinte
Image caption Tha dùil gum fosgail an t-ionad ùr ann am Muile san Lùnastal

Nochd mu 200 neach aig coinneimh phoblaich ann am Muile is ceistean orra mu ionad slàinte ùr san eilean.

Tha dùil gum fosagail an t-ionad ùr ann an Creag an Iubhair san Lùnastal.

Tha an gnothach air a bhith connspaideach bho thùs is Riaghaltas na h-Alba air innse an-uiridh gun cuireadh iad dàil air a' phròiseict gus an nochdadh fiosrachadh mu phlanaichean ionmhais Riaghaltas Westminster.

'S e bristeadh-dùil mòr a bha sin do mhuinntir an àite, a bha iad fhèin air £300,000 a thogail a dh'ionnsaigh chosgaisean an ionaid.

Cosgaidh e £8m uile gu lèir.

Cha-mhòr sa bhad dh'atharraich Riaghaltas na h-Alba am beachd air a' ghnothach a-rithist, is Rùnaire na Slàinte, Nicola Sturgeon, ag ràdh gur e "cùis shònraichte" a bh' ann.

San ionad ùr bidh dà leabaidh ospadail is trì son daoine a bh' ann an tubaistean.

Cùram

Bidh cuideachd 12 flat na chois do dhaoine a tha feumach air cùram leantainneach.

Thog feadhainn draghan mun ghoireas is iad ag ràdh gum bi e ro bheag.

Tha iad a' cumail a-mach am measg eile nach bi leabanan ospadail gu leòr ann is nach bi cùram 24 uairean ann.

Aig a' choinneimh oidhche Luain bha beachd ann cuideachd nach deach fios a chumail risna daoine mar a bu chòir.

Thuirt Co-Chomann Slàinte Choimhearsnachd Earra-Ghàidheal is Bhòid gun toireadh iad piseach air a' chonaltradh aca ris a' choimhearsnachd bho seo a-mach.

Thuirt a' bhuidheann cuideachd gum bi leabanan ospadail gu leòr ann, agus gum bi cùram ann tron oidhche.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile