Là math eile dhan Bhaile Ùr

Strath Spè an aghaidh Chamanachd Leòdhais.
Image caption Thàinig Camanachd Leòdhais air ais son criochnachadh 6-6 an aghaidh Shrath Spè.

Ghluais Baile Ùr an t-Slèibh trì puingean air thoiseach air chach aig mullach Prìomh Lìog na h-Iomain nuair a rinn iad a' chùis air Inbhir Aora 4-0.

Chuir Danny MacRath is Crisdean Sellar dà thadhal an urra, a' fàgail a' Bhaile Ùir le 11 puingean bho 7 geamaichean.

Tha Ceann Loch Seile fhathast san darna àite, a dh'aindeoin is gun deach an cumail aig 3-3 an aghaidh Lòbhat.

'S e Màrtainn Bell a chuir an tadhal cudromach aig fìor dheireadh a' gheama gus puing a ghlèidheadh do bhalaich Chill Tharghlain.

Chaill an Gearasdan son a' chiad turas am bliadhna, 4-2 aig an taigh an aghaidh Ghleann Urchadain.

Dreuchd

Tha fios gun do chòrd sin gu mòr ri manaidsear a' Ghlinne, Drew MacNèill, a chaill a dhreuchd le sgioba a' Ghearasdain roimhe.

Tha Cill Mhàilidh fhathast aig a' bhonn às dèidh dhaibh-san call 3-2 aig an taigh an aghaidh Chaol Bhòid.

San naoidheamh àite tha Eilean Bhòid, a chaill 2-0 san eilean an aghaidh Chinn a' Ghiuthsaich.

Thàinig na tadhail an sin bho na balaich Dallas, Màrtainn is Barry.

'S e droch là a bh'ann dha na h-eileanaich a chriochnaich an geama le 10, is Caoimhin Queen is Seumas Craig gan cur far na pàirce.

Ann an Cupa na Camanachd chaidh Camanachd an Òbain air adhart dhan ath-chuairt, 2-1 an aghaidh Ghleann Urchaidh às dèidh ùine a bharrachd ann an Dàil Mhàilidh.

Camanachd Leòdhais

Anns na lìogan ìosail 's iad Camanachd Leòdhais a chruthaich naidheachd mhòr na deireadh-seachdain.

Bha na Leòdhasaich air deireadh 4-1 agus an uairsin 6-3 air falbh an aghaidh Chamanachd Shrath Spè.

Cha do leig iad às an strì ge-tà, agus as dèidh 3 tadhal sna beagan mhionaidean mu dheireadh, chaidh aca air an geama a dhèanamh co-ionnan aig 6-6.

Tha sin a' fàgail gu bheil 4 puingean aig na Leòdhasaich mar-thà às dèidh 6 geamaichean, puing a bharrachd na fhuair iad fad an t-seusain a chaidh.

Le 12 geama ri dhol, agus a' mhòr-chuid dhuibh aig an taigh, 's ann a bhios na Leòdhasaich misneachail gun dèan iad fada nas fhèarr am bliadhna.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile