Oidhche mhòr do sgioba rugbaidh Ghlaschu

Sean Lineen Image copyright SNS (Scotland)
Image caption Coidse Ghlaschu Sean Lineen

'S e oidhche mhòr a bhios ann do sgioba rugbaidh Ghlaschu an ath-oidhche, is iad a' dol an aghaidh Munster is an da sgioba a' sìreadh àite anns na play-offs do lìog Rabodirect Pro12.

Tha iad an-dràsta co-ionnan air 56 pùing, le Munster san treas àite agus Glaschu direach air an cùlaibh sa cheathramh àite.

Chan eil ach trì geamaichean aig sgioba Ghlaschu air fhàgail, an ath-oidhche, a bharrachd air geam an aghaidh Benetton Treviso seachdainn na Sàbaid agus Connacht aig an taigh air a' chòigeamh là den Chèitean.

Dùbhlan

Bhuannaich na Warriors mu dheireadh ann an Coirce ann an da mhìle sa h-ochd ach on uairsin tha Munster air na ceithir geamaichean deug a tha iad air cluich aig Pàirce Mhusgrave a bhuannachadh.

Tha coidse Ghlaschu, Sean Lineen, a' tuigsinn gur e dùbhlan mòr a tha mu choinneamh na sgioba aige.

"'Seo an deuchainn as ùire ann an sreath de dheuchainnean a th' air a bhith ron sgioba againn am bliadhna.

"Chan eil mòran gheamaichean nas duilghe na bhith air falbh bhon taigh an aghaidh Munster, ach tha na cluicheadairean againne air dèiligeadh ri dùbhlan sam bith am bliadhna, agus tha sinn cinnteach gun tèid aca sin a dhèanamh a-rithist a-màireach.

"A-mach as na còig geamaichean deug a tha sinn air cluich, chan eil sin ach air aonan a chall, agus tha an dòigh anns a bheil sinn air a bhith cluich gu math tlachdmhòr".

Image copyright SNS (Scotland)
Image caption Wilson a dhith air Glaschu

Tha Lineen air sia atharraichean a thoirt air an sgioba aige on turas mu dheireadh a chluich Glaschu, nuair a rinn iad an gnothach air na Cardiff Blues 30-3 air 30mh den Mhàirt.

Dh' fheumadh e tri do na h-atharraichean sin a dheanamh is cluicheadairean air an gòirteachadh.

Tha Graeme Moireasdan, Ryan Wilson agus Iain Barclay uile a dhìth air Lineen. Nan àite san sgioba bi Peadar Murchie, Ruaridh Jackson agus Johnnie Beattie.

Cuideachd a' tighinn dhan sgioba tha Jon Welsh, Pat MacArthur agus Richie Gray.

Thuirt Lineen, "Tha e gu math mi-fhortanach do Ghraeme, Ryan agus Iain nach teid aca cluich, oir tha'd air tòrr a dheanamh dhuinn am bliadhna.

"Ach le bhith ag radh sin tha am buidheann air fad air pàirt a' chluich is tha mi misneachdail gun cluich na cluichedairean a th'air tighinn dhan sgioba deagh gheama"

Tha an geam, a tha beo air BBC ALBA a' tòiseachadh aig deich mionaidean an deidh seachd an ath-oidhche. Theid na prìomh ceithir sgiobaidhean bhon lìog gu ìre nan play-offs.