Ceist mu atharrachadh aiseig Chille Chòmhghain

Air fhoillseachadh
tùs an deilbh, Undiscovered Scotland
fo-thiotal an deilbhChan eil seirbheis sam bith Cal Mac do luchd-coise a-mhàin ann

Sgrìobh Caidreachas Croitearachd na h-Alba chun an Riaghaltais Albannaich ag iarraidh soillearachaidh gu luath air molaidhean seirbheis do luchd-coise a-mhàin a dhèanamh den aiseag eadar Cille Chòmhghain ann an Àird nam Murchan agus Tobar Mhoire ann am Muile.

Tha iad ag ràdh gun cailleadh croitearan san sgìre cothrom air taigh-spadaidh ann am Muile a chleachdadh.

An-dràsta bidh mu 5,000 carbad sa bhliadhna a' cleachdadh an aiseig.

Tha an Caidreachas ag ràdh nach sàbhaileadh leithid de ghluasad sgilinn don Riaghaltas, leis gu bheil iad mar thà air airgead mòr a chur an sàs ann an leasachadh cidhe Chille Chòmhghain mu choinneimh aiseag charbadan.

Tha ceist cuideachd air co-dhiù feumte soitheach ùr a lorg, no cumail a' dol leis an t-soitheach a th' ann, gun a bhith a' leigeil charbadan air bòrd innte, agus a' call faraidhean ri linn sin.

Thuirt ball den Chaidreachas ann an Àird nam Murchan, Dàibhidh Fearghasdan, a tha a' cur an aghaidh a' mholaidh: "Fiù 's ged a gheibheadh iad leithid de shoitheach, tha teagamhan ann co-dhiù biodh i freagarach air goireasan laimrig Chille Chòmhghain.

"Chosg an Riaghaltas airgead mòr air an laimrig anns na bliadhnaichean a dh'fhalbh ga dèanamh nas fhreagarraiche do bhàta "roll-on-roll-off" - 's tha dàibhearan ag obair ann fhathast.

"Tha an t-uisge ri taobh na laimrig a-nis gu math tana, agus chanainn gun adhbharaicheadh sin trioblaid mhòr dhaibh nan cleachdadh iad soitheach eile," thuirt e.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh