Tubaist rathaid 's na Hearradh

mapa dhe na Hearadh
Image caption Cha robh ach aon charbad an sàs 'san tubaist.

Chaidh cobhair a dhèanamh air seachdnar - clann nam measg - anns na Hearadh as deidh dhan a charbad san robh iad a' siubhail a dhol ann a locha, mìle tuath air ceann rathad Loisgaintir.

Thachair an tubaist mu cheithir uairean feasgar air an A859 agus bha an rathad dùinte son greis.

Thuirt Seirbhis Smàlaidh na Gàidhealtachd gun robh dà charbad aca an lathair 's gun robh aca ri uidheamachd gearraidh a chleachdadh airson daoine a shaoradh.

Chaidh heileacoptair nam maor-cladaich a chleachdadh son a h-uile duine a thoirt dhan ospadal ann a Stèornobhagh.

B'fheudar luchd-siubhal rathad nam Bàgh a chleachdadh son ùine.