Gàradh Àirinis a' lorg tuilleadh obrach

Gàradh Airinis, Leòdhas
Image caption Tha 80 a' faighinn cosnaidh aig a' ghàradh an dràsta.

Tha coltas gun tig an obair aig gàradh Àirinis ann a Leòdhas gu ceann aig deireadh na mìos.

Tha dòchas aca ge-tà, gum faigh iad cùmhnantan ùra bho ghnìomhachas na h-ola ro dheireadh a' Cheitein agus gun tig tuilleadh obrach à gnìomhachas a' chumhachd ath-nuadhachail.

Tha staid na h-eaconomaidh agus farpais bho ghàraidhean togail eile, a' dèanamh chuisean duilich dhaibh.

Tha an gàradh a' cur crìoch air trì cùmhnantan airson gnìomhachas a' chumhachd ath-nuadhachail, gach cuid airson muillnean gaoithe aig muir agus airson uidheamachd a tha a' toirt cumhachd às na tuinn.

Cùmhnantan

Thig an obair sin gu ceann aig deireadh na mios agus thèid a' mhòr-chuid den 80 neach-obrach a tha anns a' ghàradh an dràsta a phàigheadh dheth.

Bidh iad an dòchas cùmhnant eile fhaighinn airson 10 clàran-ola a thogail do raon ola Solan, a tha an iar air Sealtainn, ach cha chluinnear sian mun a sin gu deireadh a' Cheitein.

Tha dùil gum bi tairgsean a' nochdadh an ceartuair airson seacaid stàilinn air am bi clàr Solan na shuidhe ach bidh e treis mus tèid co-dhùnadh a dhèanamh air cò gheibh an cùmhnant sin.

Tha dòchas ann cuideachd gu faigh an gàradh obair à tuath-gaoithe Ìsginn agus dùil gun tèid tòiseachadh air a sin as t-Samhradh, ach chan eil coltas ann gun rachadh tòiseachadh air obair togail nam muillnean gaoithe fhèin gu deireadh na bliadhna.