Sìde ro bhlàth airson nam Fiadh Lochlannach

Fiadh Lochlannach agus buachaille
Image caption Bidh na Sàmaich a' buachaileachd nam Fiadh Lochlannach fad na bliadhna

Tha còrr is 300 facal aig min-shluagh Sàmach a tha fuireach ann an diofair sgìrean anns an Artaig airson sneachda.

Tha a h-uile facal a' toirt dhuinn deilbh air na tha a' tachairt leis an aimsir againn.

'S ged a tha cuid againn a' cur fàilte air sìde a tha rud beag nas blàithe, tha e na uallach do dhaoine eile leithid bhuachaillean nam Fiadh Lochlannach.

Fad linntean tha na buachaillean Sàmach seo air a bhith a' spadadh nam fiadh son na teaghlaichean aca fhèin, ach 's a là th' ann, tha iad a' faighinn deagh phrìs air feòil nam beathaichean boireann 's tha luach anntasan an coimeas ris na fèidh fhireann.

Sneachda is deigh

Le sin, chan eil na h-uiread de dh'fhèidh fhireann ann, 's tha seo a' fàgail chùisean duilich tron Gheamhradh ma tha sìde bhlàth a' tighinn an lùib sìde fhuair.

Bidh i a' cur an t-sneachda 's an uair sin a' leaghadh, agus an uair sin a' reothadh a-rithist, le sneachda ùr air a mhullach.

Leis an deigh sa mheadhan, tha e ga fhàgail duilich dha na fèidh fhaighinn sìos tron t-sneachda dhan bhiadh aca - crotal.

Image caption Bidh na Sàmaich a' dèanamh aodaich bhrèagha le bian nam Fiadh Lochlannach

Anns na làithean a dh'fhalbh bha gu leòr de na fèidh fhireann ann airson seo a dhèanamh - 's iad a bu làidire, is iad comasach gu leòr air cladhach a dhèanamh.

Ach le stoc boireann agus laoigh, chan eil e cho furasta dhaibhsan fhaighinn dhan a bhiadh 's mar sin bidh feadhainn aca a' bàsachadh leis an acras.

Nuair a tha luchd-saidheins a' feuchainn ri fuasgladh fhaighinn air blàthachadh na cruine, is fhiach èisteachd ris na Sàmaich.