Dragh mu shàbhailteachd phlèanaichean Loganair

Air fhoillseachadh
Fo-thiotal an deilbh, 'S iad Flybe a tha a' ruith nan seirbheisean às leth Loganair

Chuir Loganair dìon air sàbhailteachd nam plèanaichean aca an dèidh tachartais eile le itealan Steòrnabhaigh.

Chaidh na seirbheisean èiginneach a ghairm còig tursan sna naoi mìosan a dh'fhalbh agus itealan SAAB 340 air innse gun robh trioblaidean teicnigeach ann.

Bha trì de na tachartasan sin aig Port-adhair Steòrnabhaigh, leis an fhear mu dheireadh a' tachairt air an deireadh sheachdain seo chaidh.

B'fheudar dhan phlèana, le 30 duine air bòrd, tighinn a-nuas air aon einnsean.

Cha deach duine a ghoirteachadh turas seach turas.

Tha còrr is 30,000 seirbheis gan ruith le Loganair air feadh na h-Alba gach bliadhna.

Thuirt Àrd-Oifigear na companaidh, Jonathan Hinkles, gun deach agus gun tèid làn-sgrùdadh oifigeil a dhèanamh air a h-uile suidheachadh.

Thuirt a' chompanaidh cuideachd gu bheil sàbhailteachd na prìomhachas agus gu bheil iadsan riaraichte gu bheil an SAAB 340 sàbhailte.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh