RTÉ Raidió na Gaeltachta ag 40 bliain d'aois

Rèidio
Image caption 'S e an aon stèisean nàiseanta a tha a' craoladh air fad sa Ghaeilge

O chionn 40 bliadhna an t-seachdain seo thàinig iomairt shòisealta ann an sgìrean Gaeltachta na h-Èireann gu buil.

Bha sluagh nan sgìrean Gaeltachta - ochd sgìrean sgapte air feadh na Poblachd anns a bheil a' Ghaeilge ga bruidhinn mar chànan coimhearsnachd, agus na prìomh chànan oifigeil - diombach mu ghainnead sheirbheisean agus chothroman.

Bha iad ag iarraidh guth a bhith aca fhèin, anns a' chànan aca fhèin.

Bha prògraman gan craoladh sa Ghaeilge air RTÉ Raidió Éireann, ach cha robh sluagh na Gaeltachta a' faireachdainn gun robh sin gu leòr, no gun robh iad a' freagairt air feumalachdan na Gaeltachta fhèin.

Gun Bheurla

Thòisich buidheann ann an Conamara a' craoladh gu mì-laghail air Saor Raidió Chonamara, a' siubhail mun cuairt 's a' cumail na h-uidheamachd craolaidh aca am falach, leis gun robh monopolaidh chraolaidh aig RTÉ.

Shoirbhich leis an stèisean mhì-laghail seo cho mòr 's gun tàinig air Riaghaltas na h-Èireann stèisean oifigeil a chur air bhonn, air an tug iad Raidió na Gaeltachta.

Thòisich an stèisean ùr a' craoladh 2na an Giblean 1972, agus e air an adhair dìreach dà uair de thìde san là - seach an seachd uairean de thìde air a' chiad là - Dòmhnach na Càisge.

Chaidh an stèisean - a bhiodh a' craoladh an toiseach o Chasla ann an Conamara - a bheannachadh le sagart na sgìre, agus chaidh e beò air an adhair an uair sin le teachdaireachd ro-chlàraichte bhon Cheann-suidhe Éamonn de Valera.

An dèidh sin, chaidh aifreann Gaeilge a sgrìobh an ceòladair ainmeil Seán Ó Riada a chraoladh, le measgachadh de cheòl agus agallamhan às dèidh sin.

An toiseach, cha robh an stèisean ri fhaighinn ach ann agus faisg air na trì Gaeltachtaí as motha ann an Dún na nGall, Conamara agus Co. Chiarraí.

Ach o thàinig leudachadh air lìonra chraolaidh RTÉ ann an 2001, tha an stèisean a-nis ri fhaighinn air feadh na dùthcha agus air an eadar-lìon, a' toirt cothrom do dhaoine a bhruidhneas a' Ghaeilge an cànan a chluinntinn ge b'e càite san dùthaich - no air feadh an t-saoghail - a tha iad a' fuireach.

O chionn 40 bliadhna, bha cuid den luchd-èisteachd a' cluinntinn rèidio airson a' chiad uair riamh. Bha gu leòr am measg an fheadhainn as sine aig nach robh Beurla.

An-diugh, tha sin air atharrachadh, agus an luchd-èisteachd air fad - mu 150,000 gach seachdain - dà-chànanach.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile