Dragh mu sheirbheis an fhòn-làimhe an Colbhasa

Fòn-làimhe

Cha robh seirbheis fòn-làimhe aig a' chompanaidh Vodafone ann an Colbhasa o chionn cola-deug, agus a' chompanaidh ag ràdh nach urrainn dhaibh gealltainn gun till i ro shaor-làithean na Càisge.

Chaidh an t-seirbheis a dhìth san eilean air 23mh am Màirt.

Tha dragh ann mun àireimh mhòir de luchd-turais san eilean an t-seachdain seo aig nach bi cothrom air fòn-làimhe a chleachdadh.

Tha cuideachd dotair, agus ceannard bhàta-teasairginn an eilein a' cleachdadh Vodafone.

Seirbheis 4G

Tha Vodafone ag ràdh gu bheil iad a' dèanamh an dìcheall an t-seirbheis ath-nuadhachadh ro 12na an Gibean - ceithir là às dèidh Dòmhnach na Càisge.

Tha a' choimhearsnachd cuideachd a' gearain nach d'fhuair iad mìneachadh bhon chompanaidh mun t-suidheachadh.

Tha a' chompanaidh ag ràdh gum bi iad a' dèanamh a h-uile oidhirp crann a chàradh cho luath 's a bhriseas e, ach gum feum iad an toiseach luchd-einnsiniridh a chur a-mach chun na làraich.

Thuirt iad gun robh luchd-einnsiniridh anns an eilean agus gu bheil fios aca a-nis air na tha ceàrr.

Tha iad a' feitheamh air na pìosan fhaighinn airson an crann a chàradh mus till iad chun an eilein gan cur an sàs.

Tha BPA na sgìre, Mìcheal Russell, air a bhith ag iomairt bho dheireadh na bliadhna an-uiridh mu inbhe na seirbheis.

Thog e draghan mu shàbhailteachd dhaoine, 's e ag ràdh gun do bhruidhinn e ri dotairean roimhe a chunnaic cùisean far an tug dìth tarraing-fòna buaidh air slàinte dhaoine ann an suidheachaidhean èiginneach.

Thuirt e gu bheil muinntir Earra-Ghàidheal is Bhòid a' pàigheadh na h-aon phrìse airson seirbheisean fòn-làimhe 's a tha daoine ann an sgìrean eile, gun a bhith a' faighinn na h-aon ìre de sheirbheis.

Mhol e nach bu chòir cead a thoirt do chompanaidh sam bith seirbheis 4G fhaighinn ann an Alba, gus am bi seirbheis cheart 3G aig a h-uile sgìre.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile