Dòchas ùr ann mu cheangal dealan fon Chuan Sgìth

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh, Ghabh International Power thairis planaichean an uachdarain son an tuath-ghaoithe

Tha dòchas gu bheil càbal, a bheir dealan às na h-Eileanan an Iar gu Tìr Mòr, ceum nas fhaisge, agus companaidh chumachd mhòr, International Power, air na planaichean airson tuath-gaoithe air Oighreachd Ìsginn ann an Leòdhas, a' gabhail thairis.

Tha International Power ag ràdh gu bheil iad deònach pàirt den airgead a chur mu choinneimh na cosgais de £400m airson càbal eadar na h-Eileanan agus tha iad air £20m a chur a dh'ionnsaigh sin mar thà.

Ghabh a' bhuidheann thairis na planaichean a bha aig an uachdaran, Nick Oppenheim, airson tuath-gaoithe air a' Bheinn Mhòir ann an ceann a deas nan Loch.

Tha càbal fon mhuir eadar na h-Eileanan Siar agus Tìr Mòr ga fhaicinn mar leasachadh bunaideach airson cumhachd ath-nuadhachail a thoirt air adhart gu buannachd eaconamaidh nan Eilean Siar.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh