Iomain na Gàidhlig am Port Rìgh

Geama 2011 Image copyright Neil G Paterson
Image caption Tha leudachadh air farpais na bliadhna seo

Tha dùil ri deireadh-sheachdain air leth trang ann am Port Rìgh le ceithir sgiobaidhean gus pàirt a ghabhail ann am farpais Iomain Cholmcille Disathairne.

'S e seo an còigeamh turas a bhios an fharpais ann is Gàidheil na h-Alba is na h-Èireann a' dol an aghaidh a chèile.

Bho thòisich an farpais ann an 2007, bha an strì eadar sgioba na h-Alba agus CLG Micheal Breathnach, a' riochdachadh na h-Èireann.

Am bliadhna bidh crùth ùr air a' ghnothach le dà sgioba eile a' dol an-sàs.

Bidh sgioba bho Chamanachd an Eilein Sgitheanaich is Gàidhlig aig a h-uile duine aca a' dol an aghaidh sgioba na h-Alba aig 10:45m.

Às dèidh sin aig 12:00f thèid CLG Micheal Breathnach an aghaidh na sgioba ùir eile, Fir Uladh, feadhann às Èirinn a Tuath a bhruidhneas Gàidhlig na h-Èireann.

Chaidh Iomain Cholmcille a chur air chois le taic-airgid bho Cholmcille, a' bhuidheann a tha ag obair gus ceanglaichean eadar na Gàidheil ann an Alba is Èirinn a neartachadh, is bha iadsan airson 's gum biodh sgioba ann bho Èirinn a Tuath.

Air Bhioran

Thuirt manaidsear Fir Uladh, Pádraic Ó Mianáin, gu bheil an sgioba aige air bhioran.

"Bha daonnan ceangal làidir a thaobh cultair is cànain eadar Ulaidh is Gàidhealtachd na h-Alba, chun na h-ìre is gur e "Camanacht" a bh' aca san sgìre seo air iomáiniacht gu àm na Gorta Mòire.

"Tha sinn air ar dòigh cuireadh fhaighinn dhan fharpais seo," thuirt e.

Bidh an dà sgioba a bhuannaicheas na geamaichean sa mhadainn a' cluich sa chuairt dheireannaich aig 3:15f , is an dà sgioba eile a' strì son an spàinn fhioda a sheachnadh ron a sin aig 1:30f.

A rèir an fhir a thòisich an fharpais, manaidsear na h-Alba, Eoghann Stiùbhart, chan e soirbheachadh air a' phàirc an rud as cudromaiche.

"'S e a th' ann, nach eil cothroman gu leòr aig fireannaich òga Gàidhlig a bhruidhinn ann an suidheachaidhean neo-fhoirmeil.

Cànan

"Tha ceòl agus dannsa ann do chuid ach 's ann tro spòrs is urrainn dha fada a bharrachd tighinn ri chèile agus an cànan a chleachdadh gu nàdarrach is gu furasta.

"Chan eil ach aon riaghailt, 's e gum bruidhinn cluicheadairean Gàidhlig ann an trèanadh agus air a' phàirc.

"Bidh a h-uile duine a' gabhail ris agus taobh a-staigh là, tha feadhainn nach eil a' bruidhinn Gàidhlig cho tric (ge b'e an t-adhbhar) a' togail misneachd 's iad cho fileanta ri càch," thuirt e.

Thèid na geamaichean air adhart aig Pàirc nan Laoch ann am Port Rìgh Disathairne bho 10:45m.

Bidh prògram sònraichte aig Spòrs na Seachdain air Radio nan Gàidheal bho 09:00m.

Bidh Iain Moireasdain is Gilleasbuig MacDhòmhnaill a' craoladh bho Phàirc nan Laoch is iad gu bhith a' toirt sùil air adhart dhan là trang, am measg rudan eile.