Sneachda an dèidh grèine

Air fhoillseachadh
Fo-thiotal an deilbh,
B'e a' mhìos a chaidh am Màirt a bu bhlàithe a bh' ann riamh ann an Alba

Tha sìde gheamhradail air tilleadh gu Alba an dèidh a' Mhàirt a bu bhlàithe riamh.

Tha suas gu 10 oirlich de shneachda air tuiteam ann an Siorrachd Obar Dheathain.

Tha na poileas ann an Roinn a' Mhonnaidh ag ràdh gur ann am Moireibh as miosa a tha cùisean.

Chaidh cuid de rathaidean air talamh àrd a dhùnadh, nam measg an A939 eadar Baile nan Granndach agus Damh-Ath, agus am B9007 eadar Drochaid Charra agus Feàrnais.

Chaill mu 3,000 dachaigh an dealan ann an Siorrachd Obar Dheathain agus Moireibh, agus an sneachda air loidhnichean a mhilleadh.

Tha Scottish Hydro Electric ag ràdh gum bu chòir gum bi an dealan air ais ag obair ro dheireadh an là Dimàirt.

Tha rabhadh òmar an sàs air feadh cuid mhath de dh'Alba.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh