Atharrachadh air Cathair-eaglais Inbhir Nis

Doras na h-Eaglaise
Image caption Cha robh cuid de na seann ghoireasan freagarrach son feumalachdan an là an diugh.

Tha atharrachadh bunaiteach ga thoirt air Cathair-eaglais Inbhir Nis, airson a' chiad uair a-riamh bho chaidh a togail ann an 1869.

Bha iomagain mhòr air Alba Aosmhor gun rachadh an togalach a mhilleadh.

Thug e faisg air 5 bliadhna a' faighinn cead dealbhachaidh.

Bha aca ri clach a lorg den aon sheòrsa sa chaidh dhan togalach an toiseach, bho chionn faisg air 150 bliadhna.

'S ann do dh'Eaglais Easbaigeach na h-Alba a bhuinneas Cathair-eaglais an Naoimh Anndra.

Cudthromach

Bidh iad a' cumail sheirbheisean innte a h-uile là den t-seachdain.

Ach tha i cudthromach dhan bhaile ann an iomadach dòigh.

Airson a h-eireachdais, airson na tha i a' tàladh de luchd-turais, agus airson cuirmean-ciùil 's a leithid.

Ach bha na goireasan air fàs seann fhasanta.

Bha feum gu sònraichte air doras air am faigheadh daoine ciurramach a-steach.

Luchd-turais

Agus bha iad cuideachd airson àite fiosrachaidh a dhèanamh do luchd-turais.

Bhon a dh'fhosgail Cathair-eaglais an Naoimh Anndra ann an 1869, 's e an seann doras eireachdail a bha na phìomh dhoras son faighinn a-steach.

Image caption Chaidh an doras a dhèanamh ann an àite far nach robh ach balla.

Ach chaidh doras ùr a thogail ann an àite far nach robh roimhe ach balla.

Agus ma tha a' reubadh togalach eachdreidheil a tha faisg air 150 bliadhna a dh'aois às a chèile, feumaidh tu a bhith garbh faiceallach.

Dh'fheumadh a h-uile sian fhilleadh a-steach le dreach an t-seann thogalaich.

'S e bha ro luchd-leasachaidh nach aithneachadh duine, nuair a bhios i deiseil, gun robh sian ùr-nodha mu dheidhinn na h-eaglaise bhon taobh a-muigh.

Thuirt Pròbhast Cathair-eaglais Inbhir Nis, An Ro-urramach Alasdair Gòrdan gun robh e air a dhòigh leis an obair.

"Aig deireadh an là, tha mi smaointinn gum faod sinn a ràdh nuair a choimheadas sinn air an airse-cloiche bhon taobh a-muigh, shaoileadh tu gun robh e a-riamh ann bho 1865.

Dòighean traidiseanta

Cha robh sin furasta ge-tà agus bha aca ris an dearbh chloich a lorg 's bha anns an togalach bho thùs - clach a tha an diugh tearc.

Fhuair iad sin mu dheireadh ann an seann chuairidh.

Ach chan b' e sin a-mhàin ach na bha aca ri dhèanamh leis a' chloich.

Thuirt ailtire na pròiseict, Calum MacIlleathain gun do chleachd iad dòighean traidiseanta airson cumadh a chur air na clachan.

"Tha e gu math speisealta", thuirt e, "airson a' cleachdadh an stuth ann an mortar a tha ceart, agus a' cumail nan clachan ann an dòigh far a bheil ag obair leis na ballachan ann an seann eaglais. Tha e fìor theicneigeach.

Airson frithealamh dha na tha a' tadhal de luchd-turais às gach cearnaidh den t-saoghal, thèid ionad ionad fiosrachaidh a dhèanamh am broinn an togalaich.

Agus dìreach mar a tha a-muigh, bidh e a-rèir an t-seann dreach.