Rannsachadh poblach gu bhith ann mu losgadair sgudail

Inbhir Ghòrdain Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha dragh ann mun bhuaidh air slàinte dhaoine agus turasachd san sgìre

Thèid rannsachadh poblach ionadail a chumail mu phlanaichean gus losgadair sgudail a thogail ann an Inbhir Ghòrdain air taobh sear Rois.

B'e sin co-dhùnadh coinneimh a chaidh a chumail san sgìre oidhche Mhàirt.

Dh'innis Neach-Aithris bho Riaghaltas na h-Alba gun tòisicheadh an rannsachadh air 6mh an t-Ògmhios.

Nochd am plana an toiseach o chionn trì bliadhna, agus tha e air a bhith connspaideach on uair sin.

Leasachadh

Chosgadh an leasachadh £43m.

Chuir Comhairle na Gàidhealtachd na aghaidh an toiseach, ach chuir Riaghaltas na h-Alba às don cho-dhùnadh sin.

On uair sin, dh'òrdaich Cùirt an t-Seisein don Riaghaltas sùil eile a thoirt air a' chùis.

Aig coinneimh oidhche Mhàirt bha riochdairean bhon luchd-leasachaidh Highland Combined Heat and Power, agus bhon bhuidhinn iCARE, a tha a' cur na aghaidh.

Bha mu 200 duine aig a' choinneimh.

Sgudal

Tha an luchd-leasachaidh airson sgudail a losgadh san ionad gus dealan a chruthachadh.

Tha iad a' cumail a-mach gur e dòigh èifeachdach a bhiodh ann air sgudal a chleachdadh gus dachannan dhaoine a theasachadh.

Tha an fheadhainn a tha a' cur na aghaidh ge-tà, draghail mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aige air slàinte dhaoine agus air turasachd san sgìre.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile