Cead do leasachadh Deilgnidh faisg air Inbhir Narann

Iomall Inbhir Narann
Image caption Tha an làrach faisg air iomall baile Inbhir Narann

Thèid leasachadh anns am bi ceudan thaighean agus goireasan cur-seachad luach £70m air adhart faisg air Inbhir Narann.

Dh'aontaich comhairlichean cead a thoirt do na planaichean ann an sgìre Dheilgnidh.

Tha dùil gum bi 500 cosnadh an lùib an leasachaidh.

B'iad Ban-iarla Chaladair agus an leas-mhac aice - Iarla Chaladair - a dh'iarr an cead dealbhachaidh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile