Coinneamh mu losgadair sgudail an Inbhir Ghòrdain

Baile Inbhir Ghòrdain Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Dh'iarr Cùirt an t-Seisein air an Riaghaltas sùil as ùr a thoirt air a' chùis

Bidh coinneamh ann Dimàirt mu phlanaichean connspaideach airson losgadair sgudail a thogail ann an Inbhir Ghòrdain.

Bith neach-aithris bho Riaghltas na h-Alba a' coinneachadh ri riochdairean bho gach taobh an deasbaid - luchd-leasachaidh Highland Combined Power and Heat, agus a' bhuidhinn iCARE a tha a' cur an aghaidh na sgeama nam measg.

Chuir Comhairle na Gàidhealtachd an aghaidh na sgeama, a chosgadh £43m.

Ach chuir an Riaghaltas ann an Dùn Èideann às don cho-dhùnadh aca.

Bhon uair sin thug Cùirt an t-Seisein òrdugh don Riaghltas sùil eile a thoirt air a' chùis.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile