Togail fianais mu fharaidhean aiseig

Bàt-aiseig Image copyright Other
Image caption Tha làraidhean-bathair gus cothrom air an RET a chall

Bidh Buidheann Còmdhail Innse Gall a' togail fianais ann an Steòrnabhagh Disthairne an aghaidh atharrachaidh ann an siostam nam faraidhean aiseig.

Bidh sreath de charbadan a' fàgail pàirce chàraichean Sgoil MhicNeacail aig 1:00f.

Fo phlanaichean an Riaghaltais dheadh an RET a thoirt far làraidhean-bathair air na h-aiseagan.

An àite sin, chan fheumadh carbadan coimearsalta a bha a' giùlain leithid maoraich agus stuic pàigheadh airson turas ann is air ais nam biodh iad falamh air aon turas.

Tha a' bhuidheann ag ràdh gu bheil iad son toirt gu aire Riaghaltas na h-Alba agus ball nan Eilean Siar ann am Pàrlamaid na Alba nach gabh muinntir nan Eilean idir ri àrdachadh faraidhean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile