Moladh do dh'Oighreachd a' Chrùin

Cladach Image copyright bbc
Image caption Tha cladaichean agus grunnd na mara an-dràsta fo riaghladh Chomisean Oighreachd a' Chrùin

Bu chòir do dh'Oidhreachd a' Chrùin smachd a thoirt do choimheasnachdan air cladaichean agus grunnd na mara.

Sin am moladh a tha a' tighinn bho Chomataidh nan Cùisean Albannach aig Pàrlamaid Westminster, a choinnich ann an Inbhir Nis Diluain.

Thuirt a' chomataidh, a rinn sgrùdadh an-uiridh air obair Chomisean Oighreachd a' Chrùin ann an Alba, gu bheil an comisean mar uachdaran aig astair a tha a' faicinn stòras na mara mar dhòigh air cìsean a thogail.

Tha a' chomataidh a' moladh cumhachd air na cùisean sin a thoirt do Riaghaltas na h-Alba cho fad' 's gun toir Riaghaltas na h-Alba an uair sin smachd orra do na h-ùghdarrasan ionadail agus do na coimhearsnachdan.

Dubh chàineadh

Thadhail buill de Chomataidh Thaghte nan Cùisean Albannach air a' Ghàidhealtachd agus air na h-eileanan an-uiridh airson fiorsachadh a chruinneachadh mu obair Oighreachd a' Chrùin.

Ged a thuirt grunn bhuidhnean ionadail gun robh piseach air thighinn air a' chairdeas aca ris a' Choimisean, rinn feadhainn eile dubh chàineadh orra.

Thuirt tè aca gur e "cuango sgreamhail" a th'annta.

Agus chaidh fhàgail air a' bhuidhinn a tha stèidhichte ann an Lunnainn gun robh an dol-a-mach aca co-ionnan ri uachdran aig àm na fiùdalachd neo sa linn cholòinialaich.

Cunntachail

Ann an aithisg leis na buill-phàrlamaid, dh'aontaich iad nach robh an Coimisean cunntachail agus feumach air ath-leasachadh.

Tha a' Chomataidh air taic a chur ris a' mholadh aig a' Phrìomh Mhinistear Ailig Salmond gum bu chòir dhaibh na cumhachdan aca a sgaoileadh do Riaghaltas na h-Alba.

Ach bhiodh uallach orrasan cuideachd smachd a thoirt do chomhairlean, do dh'urrasan cala agus buidhnean coimhearsnachd aig a bheil smachd air an fhearann aca.

Chan eil Riaghaltas Westminster air beachd a thoirt air an aithisg gu ruige seo.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Timcheall a' BhBC