Donnchadh MacAonghais
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Dà sgìre ghlèidhte mara gam moladh

19 Am Màrt 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha Riaghaltas na h-Alba a' moladh dà sgìre ghlèidhte mara a dhèanamh anns a' Chuan Sgìth.

Tha tè aca an teis mheadhain tè de na làraich as fheàrr a th'ann airson iasgach a' mhùsgain chaoile, faisg air na h-Eileanan Mòra.

Tha tè eile a' ruighinn bho bheul Loch Steòrnabhaigh suas mun Rubha gu Nis - far a bheil companaidhean leasachaidh a' coimhead ri tuathan gaoithe aig muir a thogail.