Sgìrean glèidhte ùra san amharc sa Chuan Sgìth

Tha Riaghaltas na h-Alba a' moladh dà Sgìre Ghlèidhte Mara (Marine Protection Areas) a dhèanamh anns a' Chuan Sgìth.

Bhiodh tè dhiubh an teis meadhan aon de na h-iolaichean as fheàrr a th' ann airson a' mhaosgain-chaoil, faisg air na h-Eileanan Mòra.

Bhiodh an tè eile a' sìneadh bho bheul Loch Steòrnabhaigh mun Rubha agus suas gu ruige Nis.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Dà sgìre ghlèidhte mara gam moladh

Tha companaidhean leasachaidh a' coimhead ri tuathan-gaoithe a stèidheachadh far an deadh an dàrna sgìre a chomharrachadh.

"An tè a tha a' cur uallach as motha oirnne an-dràsta 's e gu bheil iad air àite mòr a dhealbh a-mach tuath air na h-Eileanan Mòra, a' tighinn suas gu beul Loch Steòrnabhaigh, agus chanainnsa timcheall air 30 mìle de leathad ann a-null an Cuan Sgìth," thuirt Rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais.

"Nan deadh sin air adhart gu ìre, chanainnsa gu bheil na milleanan de luach-airgid a' mhaosgain-chaoil a' tighinn às, agus chan eil mise a' faicinn nach e buille bàis a bhiodh ann dha na tràlaran ann an Steòrnabhagh agus dha luchd-giollachd a' mhaoraich, nan deadh tràladh a chasg ann," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile