Comhairle nan Eilean Siar airson aiseig Mhalaig

Malaig Image copyright Other
Image caption Tha iarrtas mòr an Uibhist airson seirbheis a Mhalaig, seach chun an Òbain

Tha Comhairle nan Eilean Siar gu h-aona-ghuthach ag ràdh gum bu chòir seirbheis aiseig a bhith ann eadar Loch Baghasdail ann an Uibhist a Deas, agus Malaig air Tìr Mòr.

Thuige seo, chaidh am moladh fhàgail a-mach às an ath-sgrùdadh air aiseagan do Riaghltas na h-Alba.

Tha an Comh. Dòmhnall Manford, a tha na Chathraiche air Comataidh Còmhdhail na Comhairle, ag ràdh gu bheil mar a tha cùisean air atharrachadh a-nis a thaobh chosgaisean connaidh ga dhèanamh nas coltaiche gun gabh seirbheis ùr tòiseachadh.

"Ann an 2002, bha a' Chomhairle gu tur an aghaidh an leithid de rud a thoirt air n-aghaidh," thuirt Mgr Manford.

"An-diugh, 10 bliadhna sìos an rathad, tha a h-uile duine aontaichte gur i seo seirbheis a dh'fheumas a dhol air n-aghaidh.

"Tha gu bheil sin a-nis air a dhol a-steach don Ath-sgrùdadh air na h-Aiseagan, tha mise a' smaoineachadh, na cheum mòr air n-aghaidh.

"Agus na puingean a th' anns an rannsachadh fhèin airson plana nan aiseagan, tha mise a' smaointinn gu bheil deagh sheansa ann.

"Tha mi a' faireachdainn cho misneachail mu dheidhinn na seirbheis seo 's a tha mi ann an ùine mhòir.

"Tha dà rud mòr air atharrachadh. A thaobh RET, tha tòrr mòr a bharrachd ga ùsaideachadh.

"Agus prìs a' chonnaidh air a dhol suas cho àrd, far a bheil an t-slighe ga gearradh na dà leth, tha mise a' smaointinn, ma choimheadas gu luath, gu cleabhair air sin, gun toir e na prìsean sìos gu prìsean gu math nas reusanta," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile