Càineadh air seirbheisean taic

Inbhir Nis
Image caption Tha pàrantan a' gearain mu dhìth ghoireasan taic ann am priomh bhaile na Gàidhealtachd

Tha cuid de phàrantan ann an Inbhir Nis aig a bheil clann chiorramach a' gearain nach eil ionad freagarrach anns a' bhaile far am faigh òganaich cobhair eadar-amail.

'S ann an Gallaibh a tha an goireas sònraichte as fhaisge orra.

Tha cuid de phàrantan a-nis a' cur ìmpidh air Comhairle na Gàidhealtachd ionad a stèidheachadh ann an Inbhir Nis fhèin a dh'aona ghnothaich do dh'òigridh aig a bheil feumalachdan sònraichte.

Cùram freagarrach

Tha aona phàrant, Cairistiona Fhriseal, ag ràdh nach d' fhuair an nighean aice-se curam eadar-amail bho chionn ceithir bliadhna air sgàth 's nach deach taic freagarrach a thabhann oirre.

Tha a' Chomhairle ag ràdh ge-tà gur ann a tha nas lugha iarrtais ann a-nis airson seirbheisean còmhnaidh dha leithid, agus gur ann a bhios teaghlaichean a' cur cùisean air dòigh dhaibh fhèin le cuideachadh bhuapa-san.

Thuirt Stiùiriche Roinn na h-Obrach Sòisealta, Bill Alexander, gur e diofar sheòrsaichean taic a tha dhìth air teaghlaichean.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil iad a' leasachadh nan seirbheisean cùraim aca airson inbhich òga.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile