Fòirneart san dachaigh san Ruis

Doile
Image caption Tha na mìltean bhoireannach a' bàsachadh gach bliadhna an dèidh dhaibh a bhith air an dochann san dachaigh

"An fhiach a bhith na do bhanrigh, nuair a dh'fhaodadh tu an uair sin fòirneart fhulang?"

Ri taobh na ceist sin tha dealbh dhen Rìgh Eanraig VIII.

Sin fear dha na postairean a tha crochte ann an oifis na buidhne "ANNA".

Chan ann ann am Breatainn a tha an oifis seo idir, far a bheil eòlas aig mòran mu eachdraidh pòsaidhean an Rìgh Tudor, ach ann am prìomh bhaile na Ruis, Mosgo.

Tha am postair seo, agus feadhainn eile aig ANNA, ag amas air aire a thoirt air rud a tha na thrioblaid mhòr san Ruis: fòirneart san dachaigh.

Loidhne-fòn

'S e "An Aghaidh Fòirneirt san Dachaigh" ainm slàn na buidhne a stèidhich Marina Pisklakova sna 90an an dèidh dhi agallamhan a dhèanamh le boireannaich air an deach ionnsaigh a thoirt am broinn na dachaigh.

Thuig i gun robh an duilgheadas cho mòr agus gun do chuir i loidhne-fòn chobhair air dòigh do bhoireannaich a bha a' fulang.

B' i a' chiad loidhne-fòn den t-seòrsa san Ruis.

'S i fhathast an aon loidhne-fòn nàiseanta san dùthaich.

"Nuair a chaidh mi an sàs ann an seo cha robh foir agam air cho dona 's a bha an suidheachadh air a bhith.

"Nuair a thòisich mi an loidhne-fòn, bhithinn air a' fòn son ceithir uairean de thìde san là.

"Agus airson ceithir uairean de thìde eile bhithinn a' coinneachadh bhoireannach agus a' bruidhinn riutha mu na ceumanan a dh'fhaodadh a bhith air an gabhail airson an cuideachaidh.

"Sa chiad bhliadhna choinnich mi ri mu 700 boireannach, fiogair gu math àrd son aona bhoireannach dèiligeadh ris, thuirt Ms Pisklakova.

Coire

Thathas a' dèanamh dheth gu bheil eadar 9,000 agus 14,000 boireannach a' bàsachadh san Ruis a h-uile bliadhna an dèidh dhaibh a bhith air an dochann san dachaigh.

Sin co-dhiù aona bhoireannach air a marbhadh gach uair de thìde.

Agus chan eil ann an sin ach tuairmse leis nach eil na h-ùghdarrasan san Ruis a' cumail fiogairean coileanta mu fhòirneart san dachaigh.

Tha beachd ann gum faodadh an àireamh a bhith nas àirde buileach.

Coltach ri dùthchanan eile tha deoch làidir ga choireachadh son tòrr dhe na cùisean de dh'fhòirneart san dachaigh.

Tha Masha Lipman bho Urras Carnegie Mhosgo cuideachd a' coireachadh an àite a bh' aig, agus a th' aig boireannaich fhathast, san teaghlach.

"Fhuair boireannaich sa Ruis co-ionnanachd a thaobh chòirichean ann an iomadh seagh nas tràithe na ann an dùthchanan an taobh shiar.

"Ach 's e an Riaghaltas a dh'òrdaich a' cho-ionnanachd seo.

"Bha e a' buntainn ri dleasdanas a' bhoireannaich mar neach-obrach, mar shaoranach.

"Cha robh gnothach aige idir ri beatha phrìobhaideach muinntir na duthcha," thuirt i.

Le sin, a rèir Ms Lipman, bha mòran bhoireannach a' faireachdainn nach robh roghainn aca ach gabhail ris na bha a' tachairt dhaibh am broinn na dachaigh.

Cha robh tòrr airson leigeil orra gun robh iad a' fulang.

Lagh

Tha Marina Pisklakova air mothachadh gu bheil boireannaich a-nis nas deònaiche bruidhinn mun chùis na chleachd.

Tha iad cuideachd nas deònaiche a dhol gu lagh.

Bidh fear-lagh Aleksey Parshin tric a' riochdachadh bhoireannach san t-suidheachadh seo.

"Tha na laghan a th' ann an-dràsta toinnte, duilich dèiligeadh riutha agus chan eil iad èifeachdach," thuirt Mgr Parshin.

'S e an duilgheadas as motha do leithid Mhgr Parshin, agus na boireannaich a tha e a' riochdachadh, nach eil fòirneart san dachaigh air a mhìneachadh san lagh, aig an ìre seo co-dhiù.

Tha Mgr Parshin agus ANNA an-dràsta a' dealbhachadh dreach ùir de lagh a tha iad an dòchas a gheibh taic phàrlamaideach.

Seo lagh air a bheil cruaidh fheum, a rèir Mhgr Pharshin.

Mar a tha cùisean an-dràsta, mur a h-eil e air a mheas gun deach an neach a chaidh a dhochann a leòn dona gu leòr, cha thog an stàit casaidean an aghaidh an neach a bha, a rèir choltais air cùl na h-ionnsaigh.

Tha e an urra ris an tè, neo duine, a chaidh a dhochann cùis phrìobhaideach a thogail, uallach an neach-casaid a ghabhail, agus pàigheadh air a shon iad fhèin.

Gheibh an neach-dìon neach-lagha an asgaidh.

Ath-thagradh

Tha "Kristina" sàraichte leis an lagh.

Chaidh binn a thoirt dhan duine aig an robh i pòsta dà thuras roimhe airson a bhith ga dochann.

Tha i an-dràsta a' feuchainn ri cùis lagha a thogail na aghaidh 's i a' cur às a leth gun robh e a' maoigheadh a marbhadh.

Tha i a' feitheamh ri breith ath-thagraidh, faic an tèid cùis a thogail na aghaidh.

"Chan eil duine gar dìon.

"'S dòcha gu bheil iad airson ar dìon, ach leis an lagh mar a tha e an-dràsta tha sin do-dhèanta.

"Tha e cinnteach gu bheil e saor bho pheanas.

"Bidh e fhathast ag ràdh, 'ma gheibh mi lorg ort, neo ma chì mi thu am badeigin, marbhaidh mi thu'," thuirt "Kristina".

Gainnead sheirbheisean

Tha "Kristina" agus a dithis chloinne an-dràsta ann an ionad-fasgaidh ann am Mosgo.

Tha i fòrtannach àite fhaighinn ann.

'S e an aon ionad-fasgaidh ann am Mosgo.

Tha 35 leabaidh ann am baile anns a bheil còrr is 11 millean duine.

Chan eil ach mu 23 ionadan-fasgaidh san Ruis uile gu lèir, dùthaich anns a bheil mu 142 millean duine a' fuireach.

'S e prìomh amas nan ùghdarrasan ann an seo an teaghlach a chumail còmhla ma ghabhas sin a dhèanamh.

"Chan eil sinn airson gun tèid mì-fheum a dhèanamh dhen ghoireas againn," thuirt Lyudmila Guseva bho Ùghdarras Baile Mhosgo.

"Chan eil sinn ag iarraidh gum bi boireannaich le duilgheadasan a ghabhas fuasgladh ann an dòighean eile a bhith a' fuireach san ionad.

"Tha sinn an aghaidh daoine a bhith a' gabhail brath, mar gum biodh," thuirt i.

Do dhaoine leithid Marina Pisklakova ge-tà, chan eil faisg air ionadan gu leòr ann.

Chithear aithris shlàn air a' chuspair seo air Eòrpa aig BBC ALBA air an 7mh dhen Mhàrt aig 20:30, an 9mh dhen Mhàrt aig 19:25 agus a-rithist air BBC2 an 10mh dhen Mhàrt aig 18:30.