Leanaidh CNES le tagradh an aghaidh riaghladh Riaghaltais

Tidsear Image copyright bbc
Image caption Tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil e a' cosg £1m sa bhliadhna na sgoiltean a chumail fosgailte.

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gun cum iad orra le tagradh an aghaidh Riaghaltas na h-Alba a thuirt nach fhaod a' Chomhairle ceithir sgoiltean a dhùnadh.

Tha a' Chomhairle son dà bhun-sgoil ann an Leòdhas agus dà àrd-sgoil dà bhliadhna ann an Siabost agus Lionail a dhùnadh ach chuir Rùnaire an Fhoghlaim, Mìcheal Russell, stad orra agus e ag ràdh gun robh mearachdan ann an conaltradh poblach na Comhairle air a' chùis.

Dh'iarr a' Chomhairle ath-sgrùdadh laghail air a' cho-dhùnadh sin ged a bha gearainean ann gun cosgadh e cho mòr ri £40,000.

Thuirt an t-ùghdarras ionadail gu bheil iad a' cosg £1m air na sgoiltean sin a chumail fosgailte agus nach d'fhuair iad mìneachadh ceart air co-dhùnadh an Riaghaltais.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile